Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gàidhlig

Comataidh Bile na h-Alba

Lethbhreac de Bhile na h-AlbaTha  Comataidh Bile na h-Alba Comataidh Bile na h-Alba a’ sireadh bheachdan air grunn cheistean co-cheangailte ris an reachdas ùr.

A rèir Neach-gairm na Comataidh, Wendy NicAlasdair BPA: "Tha sinn a’ sireadh fianais sgrìobhte air grunn cheistean gus taic a chumail ris an obair againn air sgrùdadh a’ Bhile, bile a tha ann gus molaidhean Calman a chur an gnìomh”.


Is e tè de na prìomh cheistean aig a' Chomataidh an leasaich molaidhean a’ Bhile na dòighean-obrach eadar riaghaltasan agus pàrlamaidean na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte”.

Faigh a-mach barrachd: Fios Naidheachd (Gàidhlig ri tighinn) | Bile na h-Alba | Gairm Fianais (155KB pdf) (Gàidhlig ri tighinn)

Modalan airson totalach an V&A, Dùn Deagh, gu bhith air an taisbeanadh sa Phàrlamaid

Winning design of V&A at Dundee competition, by Kengo Kuma & Associates (Japan). Image: Univ of DundeeThèid taisbeanadh a chumail sa Phàrlamaid de na sia planaichean a bha air an liosta ghoirid airson togalach ùr taigh-tasgaidh a’ V&A ann an Dùn Deagh. Thèid an togalach tionnsgalach seo a thogail air bruaichean an tatha. Bidh an taisbeanadh saor is an asgaidh seo ann am prìomh thalla na Pàrlamaid bho Dhiluain 17 gu Diardaoin 27 Faoilleach.
Faigh a-mach barrachd: Fios Naidheachd

Tursan Treòraichte Gàidhlig an-asgaidh aig Taigh an Ròid

inneal-làimheFaodaidh muinntir na Gàidhlig turas an-asgaidh a ghabhail mu Thaigh an Ròid a-nis fhad is a bhios iad ag èisteachd ri iùl anns a' chànan aca fhèin.

Faodaidh luchd Gàidhlig a thèid air tursan-iùil innealan-làimhe a chleachdadh gus barrachd ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA: “Tha sinn moiteil mar Phàrlamaid às a bhith fosgailte is follaiseach agus is e adhbhar-gàirdeachais a tha ann an t-seirbheis mu dheireadh le cosgais do luchd-tadhail gu Taigh an Ròid a thoirt air falbh.

“Tha sinn an dòchas gun toir seo air fìù barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn is a dh’fhaicinn na Pàrlamaid dhaibh fhèin.”

Faigh a-mach barrachd: Leugh am fios naidheachd | A' tadhal air Taigh an Ròid | Pàrlamaid na h-Alba

Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba

faclairean GàidhligBidh sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ toirt seachad sheirbheisean Gàidhlig do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh foillseachaidhean. Tha Pàrlamaid na h-Alba air plana Gàidhlig reachdail ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Faodaidh tu sgrìobhadh no fònadh don Phàrlamaid sa Ghàidhlig: 0131 348 5395; gaidhlig@scottish.parliament.uk.

Faigh a-mach barrachd: Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba | Goireasan Gàidhlig (faclairean, ainmean-àite 7c.) | Foillseachaidhean Gàidhlig I Co-chomhairlean | Plana Gàidhlig | Gaelic in the Scottish Parliament